Iolairean - Am Math agus an Droch Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, ùraichidh iad an neart; èiridh iad suas le sgiathan mar iolairean; ruithidh iad, agus cha bhi iad sgìth; agus coisichidh iad, agus cha bhi iad fann. Isaiah 40:31 Ged àrdaicheadh tu thu fhèin mar an iolair, agus ged shuidhicheadh tu do nead am measg nan reultan, as a sin bheir mise sìos thu, deir an Tighearna. Obadiah 1:4
Pentateuch Chunnaic sibh na rinn mi ris na h-Èiphitich, agus mar a ghiùlain mi sibh air sgiathan iolairean, agus a thug mi sibh thugam fhìn. Ecsodus 19:4 Agus is iad seo iadsan a bhios gràinealach agaibh am measg nan eun; chan ithear iad, is gràinealachd iad: an iolaire, agus an osifirge, agus an iolaire-iasgaich, agus an eala, agus am peileacan, agus an iolaire-ghiar, Lebhiticus 11:13,18 Ach is iad seo iadsan nach ith sibh: an iolaire, agus an osifirge, agus an iolaire-bhàin, agus am peileacan, agus an iolaire-ghiar, agus an sgarbh, Deuteronomi 14:12,17 Bheir an Tighearna cinneach ad aghaidh o chian, o cheann na talmhainn, cho luath ri iolaire a’ sgèith; cinneach nach tuig thu an teanga; Deuteronomi 28:49 Mar a dhùisgeas iolaire a nead, a dh’itealaicheas i os cionn a h-òglaich, a sgaoileas i a sgiathan, a ghabhas i iad, a ghiùlaineas i iad air a sgiathan: Mar sin threòraich an Tighearna leis fhèin e, agus cha robh dia coimheach maille ris. Deuteronomi 32:11-12
Bàrdachd Bha Saul agus Ionatan gràdhach agus taitneach nam beatha, agus nam bàs cha deach an sgaradh: bha iad nas luaithe na iolairean, bha iad nas làidire na leòmhainn. 2 Samuel 1:23 Chaidh iad seachad mar na longa luatha: mar an iolair a bhios a’ deifir a dh’ionnsaigh na creiche. Iob 9:26 An èirich an iolaire suas air d’àithne, agus an dèan i a nead gu h-àrd? Iob 39:27 (Salm le Daibhidh.) Beannaich an Tighearna, O m’anam: agus gach nì a tha an taobh a-staigh dhìom, beannaich ’ainm naomh. Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus na dìochuimhnich a uile bhuannachdan: A shàsaicheas do bheul le nithean matha; air chor ’s gun ùraichear d’òige mar òige na h-iolaire. Salm 103:1-2,5 An cuir thu do shùilean air an nì nach eil ann? oir nì saoibhreas sgiathan dha fhèin; itealaichidh iad air falbh mar iolair a dh’ionnsaigh nèimh. Seanfhacail 23:5