Skip to main content

Scottish Gaelic - The Wonderful Grace of God

Page 1

Gràs iongantach Dhè Ach fhuair Noah deagh-ghean ann an sùilean an Tighearna. Genesis 6:8 Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh uile. Amen. Taisbeanadh 22:21

Pentateuch Ach fhuair Noah deagh-ghean ann an sùilean an Tighearna. Genesis 6:8 Feuch a nis, fhuair do sheirbhiseach deadh-ghean ad shùilean, agus mheudaich thu do thròcair, a nochd thu dhomh le mo bheatha a shàbhaladh; agus chan urrainn dhomh teicheadh don t-sliabh, air eagal gun toir olc orm, agus gun bàsaich mi: Genesis 19:19 Agus tha daimh, agus asail, treudan, agus òglaich, agus ban-òglaich agam: agus chuir mi fios gu m’ thighearna, a‑chum gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean. Genesis 32:5 Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e na mnathan agus a’ chlann; agus thubhairt e, Cò iad sin a tha maille riut? Agus thubhairt e, A’ chlann a thug Dia gu gràsmhor do d’òglach. Agus thubhairt e, Ciod as ciall dhut leis an uile dhream seo a choinnich mi? Agus thubhairt e, Tha iad seo a-chum deagh-ghean fhaighinn ann an sealladh mo thighearna. Agus thubhairt Iacob, Chan e, guidheam ort, ma fhuair mi a-nis deagh-ghean a’d’ shealladh, gabh mo thiodhlac o mo làimh: oir uime sin chunnaic mi d’aghaidh, mar gum faicinn aghaidh Dhè, agus bha thu toilichte leam. Gabh, guidheam ort, mo bheannachadh a thugadh dhut; a chionn gun do bhuin Dia gu tròcaireach rium, agus a chionn gu bheil pailteas agam. Agus dh’èignich e e, agus ghabh e e. Agus thubhairt Esau, Leig dhomh a-nis cuid den sluagh a tha maille rium fhàgail maille riut. Agus thubhairt e, Ciod a dh’fheumas mi? Faigheam deagh-ghean ann an sealladh mo thighearna. Genesis 33:5 , 8,10-11,15 Agus thubhairt Sechem r’a h-athair, agus r’a bràithrean, Faigheam deagh-ghean nur sùilean; agus ge b’e nì a their sibh rium, bheir mi dhuibh e. Genesis 34:11 Agus fhuair Iòseph deagh-ghean na shealladh, agus rinn e seirbhis dha: agus rinn e 'na fhearriaghlaidh air a thaigh e, agus gach nì a bh' aige chuir e 'na làimh. Genesis 39:4 Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e a bhràthair Beniamin, mac a mhàthar, agus thubhairt e, An e seo ur bràthair as òige, mu’n do labhair sibh rium? Agus thubhairt e, Gu robh Dia tròcaireach dhut, a mhic. Genesis 43:29 Agus thubhairt iadsan, Shaor thu ar beatha: faigheamaid deagh-ghean ann an sealladh mo thighearna, agus bidh sinn nar seirbhisich aig Pharaoh. Agus thàinig an t-àm dlùth anns an robh Israel gu bàsachadh: agus ghairm e air a mhac Iòseph, agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi a-nis deagh-ghean ad


Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook