2 Corintianaich CAIBIDEIL 1 1Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus ar bràthair, chum eaglais Dhè a tha ann an Corintus, maille ris na naoimh uile a tha ann an Achaia uile: 2 Gràs gu robh dhuibh, agus sìth o Dhia ar n-Athair, agus o'n Tighearn losa Criosd. 3 Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Criosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h-uile chomhfhurtachd ; 4 A tha toirt comhfhurtachd dhuinne 'nar n-uile àmhghar, chum gu'm bi sinn comasach air comhfhurtachd a thoirt dhoibh-san a ta ann an trioblaid sam bith, leis a' chomhfhurtachd leis am bheil sinn fèin a' faotainn comhfhurtachd o Dhia. 5 Oir mar a ta fulangais Chriosd pailt annainn, mar sin a ta ar comh- fhurtachd ro-phailt tre Chriosd. 6 Agus ma tha sinn fo àmhghar, is ann chum bhur comhfhurtachd-sa agus bhur slàinte-sa, a tha eifeachdach ann am mairsinn nam fulangas ceudna a tha sinne a' fulang : no ma gheibh sinn comhfhurt- achd, is ann chum bhur comhfhurtachd-sa agus bhur slàinte-sa. 7 Agus tha ar dòchas daingean annaibhse, air dhuibh fios a bhi agaibh, mar a ta sibh 'nur luchd-comh-pairt do na fulangasaibh, gu'm bi sibhse mar an ceudna de'n chomhfhurtachd. 8Oir cha b’àill leinn, a bhràithrean, sibhse a bhith aineolach air ar trioblaid a thàinig dar n‑ionnsaigh anns an Asia, gun robh sinn air ar bruthadh a‑mach à tomhas, os cionn neart, air chor is gun robh sinn fo eu-dòchas eadhon mu bheatha: 9 Ach bha againn binn a' bhais annainn fein, chum nach cuireamaid earbsa annainn fein, ach ann an Dia a thogas na mairbh : 10 A shaor sinn o bhàs co mòr, agus a shaoras : anns an ti tha ar dòchas gu'n saor esan fathast sinn ; 11 Tha sibhse mar an ceudna a' comh-chuideachadh le hùrnuigh air ar son-ne, chum gu'm biodh buidheachas air a thabhairt le mòran air ar son-ne air son an tiodhlaic a thugadh dhuinne le mòran dhaoine. 12 Oir is i so ar gàirdeachas, teisteas ar coguis, gur ann an fireantachd agus ann an treibhdhireas diadhaidh, cha'n ann le gliocas feòlmhor, ach tre ghràs Dè, a bha ar comhlabhairt againn anns an t-saoghal, agus gu bu ro-phailtiche d'ar taobh-sa. 13Oir chan eil sinn a’ sgrìobhadh nithean sam bith eile dur n‑ionnsaigh, na nithean a tha sibhse a’ leughadh, no ag aideachadh; agus tha dòchas agam gu'n aidich sibh eadhon gus a' chrìoch ; 14 Mar an ceudna a dh'aidich sibh ann an cuid, gur sinne bhur gairdeachas, eadhon mar a ta sibhse mar an ceudna againne ann an là an Tighearna losa. 15 Agus anns a' mhuinghin so bu mhiann leam teachd do 'ur n-ionnsuidh roimh so, chum gu'm biodh an dara tairbhe agaibh ; 16 Agus dol seachad duibh gu Macedonia, agus teachd a rìs o Mhacedonia d'ur n-ionnsuidh, agus a bhi air bhur tabhairt air mo thurus do Iudea. 17 Uime sin an uair a bha mi mar so air m' inntinn, an do ghnàthaich mi solus ? no na nithean a tha mi a’ rùnachadh,
an rùnaich mi a rèir na feòla, gum biodh maille riumsa seadh, agus chan eadh? 18 Ach mar a ta Dia fìor, cha b'e ar focal-ne seadh agus ni h-eadh. 19 Oir Mac Dhè, Iosa Criosd, a shearmonaich- eadh 'nur measg-sa leinne, eadhon leamsa, agus le Siluanus, agus le Timoteus, cha b'ann seadh agus ni h-eadh, ach annsan bha seadh. 20 Oir geallaidhean Dhè uile annsan is seadh iad, agus annsan Amen, chum glòire Dhè leinne. 21 A nis an ti a dhaingnicheas sinne maille ribhse ann an Criosd, agus a dh'ung sinn, is e Dia e ; 22 Neach mar an ceudna a sheulaich sinne, agus a thug geall- adh an Spioraid 'nar cridheachaibh. 23 Os bàrr tha mi a' gairm air Dia mar fhianuis air m'anam, chum sibhse a chaomhnadh cha d' thàinig mi fathast gu Corintus. 24 Chan ann air a shon sin a tha againn uachdaranachd air ur creideamh, ach is luchd-cuideachaidh sinn dur n‑aoibhneas: oir is ann tre chreideamh a tha sibh a’ seasamh. CAIBIDIL 2 1Ach shuidhich mi seo annam fhèin, nach rachainn a‑rìs dur n‑ionnsaigh ann an truime. 2 Oir ma ni mi doilich ribh, cò e ma ta a ni mi aoibhneach, ach esan a ta doilich orm ? 3 Agus sgrìobh mi an ni so fèin do 'ur n-ionnsuidh, air eagal, an uair a thàinig mi, gu'm biodh doilgheas orm uatha-san d'am bu chòir dhomh gairdeachas a dheanamh ; air bhi do dhòchas annaibh uile, gur e m'aoibhneas-sa aoibhneas oirbh uile. 4 Oir à mòr àmhghar agus cràdh cridhe sgrìobh mi do 'ur nionnsuidh le iomadh deur ; cha'n ann a chum gu'm bitheadh doilgheas oirbh, ach a chum gu'm biodh eòlas agaibh air a' ghràdh a ta agam dhuibh ni's ro phailte. 5 Ach ma thug neach air bith doilgheas, cha do chuir e doilgheas orm, ach ann an cuid : chum as nach cuir mi coire oirbh uile. 6 Is leòr d'a leithid so do dhuine am peanas so, a thugadh air mòran. 7 Air an aobhar sin b'fhearr leibh maitheanas a thoirt da, agus comhfhurtachd a thoirt da, air eagal gu'm biodh a leithid so air a shlugadh suas le ro-bhròn. 8Uime sin guidheam oirbh gun daingnicheadh sibh ur gràdh dha. 9 Oir is ann a chum na crìche so mar an ceudna a sgrìobh mi, chum gu'm biodh fios agam air bhur dearbhadh, am bheil sibh umhal anns na h-uile nithibh. 10 Ge b'e ni a mhaitheas sibh, tha mise a' maitheadh mar an ceudna : oir ma mhaith mise ni sam bith, d'an d'thug mi maitheanas, air bhur son-sa mhaith mi e ann am pearsa Chriosd ; 11 Air eagal gu'm faigheadh Satan buannachd dhinn : oir cha'n 'eil sinn aineolach air a innleachdan. 12 Os bàrr, an uair a thàinig mi gu Troas a shearmonachadh soisgeul Chriosd, agus a dh'fhosgladh dorus dhomh leis an Tighearn, 13 Cha robh fois agam a'm' spiorad, do bhrìgh nach d'fhuair mi Titus mo bhràthair : ach a' gabhail mo chead diubh, chaidh mi as a sin gu Macedonia.