Skip to main content

Scottish Gaelic - The Gospel of Mark

Page 1

Soisgeul Mharcais CAIBIDEIL 1 1 Toiseach an t-soisgeil Iosa Criosd, Mac Dhè ; 2 A rèir mar a ta e sgrìobhta anns na fàidhibh, Feuch, cuiream mo theachdaire roimh do ghnùis, a dh'ulluicheas do shlighe romhad. 3 Guth an ti a dh'èigheas anns an fhàsach, Ulluichibh slighe an Tighearna, deanaibh a cheumanna dìreach. 4 Bhaisteadh Eoin anns an fhàsach, agus shearmonaich e baisteadh an aithreachais chum maitheanais pheacanna. 5 Agus chaidh tìr ludea uile mach d'a ionnsuidh, agus muinntir Ierusaleim uile, agus bhaisteadh iad leis ann an amhainn Iordain, ag aideachadh am peacanna. 6 Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, agus crios croicinn m'a leasraidh ; agus dh'ith e locuist agus mil fhiadhaich ; 7 Agus shearmonaich e, ag ràdh, Tha neach a' teachd a'm' dhèigh a's cumhachdaiche na mise, neach nach airidh mise air cromadh sios agus a bhròg fhuasgladh. 8 Bhaist mise gu dearbh sibh le h-uisge : ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh. 9 Agus tharladh anns na làithibh sin, gu'n d'thàinig Iosa o Nasaret Ghalile, agus bhaisteadh e le Eoin ann an lordan. 10 Agus air ball air teachd suas as an uisge, chunnaic e na nèamhan air am fosgladh, agus an Spiorad mar choluman a' teachd a nuas air : 11 Agus thàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns am bheil mo mhòr thlachd. 12 Agus air ball tharruing an Spiorad e do'n fhàsach. 13 Agus bha e 'n sin 's an fhàsach dà fhichead là, air a bhuaireadh le Satan ; agus bha e maille ris na fiadhbheathaichibh ; agus rinn na h-aingil frithealadh dha. 14 A nis an dèigh Eoin a chur am prìosan, thàinig Iosa do Ghalile, a' searmonachadh soisgeil rìoghachd Dhè, 15 Agus ag ràdh, Choimh- lionadh an aimsir, agus a ta rìoghachd Dhè am fagus : dean- aibh aithreachas, agus creidibh san t-soisgeul. 16 Agus ag imeachd dha ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e Simon, agus Aindreas a bhràthair a' tilgeadh lìn san fhairge : oir b' iasgairean iad. 17 Agus thubhairt losa riu, Thigibh a'm' dhèigh-sa, agus ni mi 'nur iasgairibh air daoine sibh. 18 Agus air ball thrèig iad an lìonta, agus lean iad e. 19 Agus an uair a chaidh e beagan air adhart as a sin, chunnaic e Seumas mac Shebede, agus Eoin a bhràthair, agus iad san luing a' càradh an lìon. 20 Agus air ball ghairm e iad : agus dh'fhàg iad Sebede an athair san luing maille ris an luchd-tuarasdail, agus lean iad e. 21 Agus chaidh iad a steach do Chapernaum ; agus air ball air là na sàbaid chaidh e steach do'n t-sionagog, agus theagaisg e. 22 Agus ghabh iad iongantas r'a theagasg : oir bha e 'gan teagasg mar neach aig an robh ùghdarras, agus cha'n ann mar na sgrìobhaichean. 23 Agus bha 'nan sionagog duine anns an robh spiorad neoghlan ; agus ghlaodh e mach,

24 Ag ràdh, Leig leinn ; ciod ar gnothuch-ne riut, losa o Nasaret ? an d'thàinig thu g'ar sgrios ? Is aithne dhomh cò thu, Tì naomh Dhè. 25 Agus chronuich losa e, ag ràdh, Bi a'd' thosd, agus thig a mach as. 26 Agus an uair a reub an spiorad neòghlan e, agus a ghlaodh e le guth àrd, chaidh e mach as. 27 Agus ghabh iad uile iongantas, ionnus gu'n d'fheòraich iad 'nam measg fèin, ag ràdh, Ciod e so ? dè an teagasg ùr a tha seo? oir a ta e toirt orduigh le h-ughdarras do na spioraid neoghlan, agus tha iad umhail dha. 28 Agus air ball sgaoil a chliù air feadh na tìre uile timchioll Ghalile. 29 Agus air ball, an uair a thàinig iad a mach as an tsionagog, chaidh iad a steach do thigh Shimoin agus Anndra, maille ri Seumas agus Eoin. 30 Ach bha màthair-chèile Shimoin 'na luidhe ann am fiabhrus, agus air ball dh'innis iad da m'a thimchioll. 31 Agus thàinig e, agus rug e air làimh oirre, agus thog e suas i ; agus air ball dh'fhàg am fiabhrus i, agus fhritheil i dhoibh. 32 Agus mu'n fheasgar, an uair a chaidh a' ghrian fodha, thug iad d'a ionnsuidh iadsan uile a bha euslan, agus iadsan anns an robh deamhain. 33 Agus chruinnicheadh am baile uile aig an dorus. 34 Agus leighis e mòran air an robh iomadh gnè eucail, agus thilg e mach mòran dheamhan ; agus cha d'fhulaing iad do na deamhain labhairt, do bhrìgh gu'm b'aithne dhoibh e. 35 Agus air dha eirigh sa' mhaduinn fada roimh la, chaidh e mach, agus chaidh e gu ionad uaigneach, agus rinn e urnuigh an sin. 36 Agus lean Simon, agus iadsan a bha maille ris. 37 Agus an uair a fhuair iad e, thubhairt iad ris, Tha iad uile 'ga d' iarraidh. 38 Agus thubhairt e riu, Rachamaid do na bailtean eile, chum as gu'n searmonaich mi an sin mar an ceudna : oir is ann uime sin a thàinig mi mach. 39 Agus shearmonaich e 'nan sionagogaibh air feadh Ghalile uile, agus a' tilgeadh a mach dheamhan. 40 Agus thàinig lobhar d'a ionnsuidh, a' guidhe air, agus a' lùbadh a ghlùin dha, agus ag ràdh ris, Ma's aill leat, tha thu comasach air mise a ghlanadh. 41 Agus air gabhail truais do Iosa, air sìneadh a mach a làmh, bhean e ris, agus thubhairt e ris, Is àill leam ; bi glan. 42 Agus co luath 's a labhair e, air ball dh'imich an luibhre uaith, agus bha e air a ghlanadh. 43 Agus thug e sparradh cruaidh dha, agus air ball chuir e air falbh e ; 44 Agus thubhairt e ris, Feuch nach innis thu do neach air bith : ach imich, nochd thu fèin do'n t-sagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nithe a dh'àithn Maois, mar fhianuis dhoibh. 45 Ach chaidh esan a mach, agus thòisich e ri cur an ceill gu mòr, agus ri sgaoileadh a mach na cùise, ionnus nach b'urrainn Iosa dol a steach ni's mò gu follaiseach a steach do'n bhaile, ach gu'n robh e mach ann an aitibh fàsail : agus thàinig iad as gach cearna d'a ionnsuidh. CAIBIDEIL 2 1 Agus a rìs chaidh e steach do Chapernaum an ceann làithean àraidh ; agus chualas gu'n robh e 's an tigh.


Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Scottish Gaelic - The Gospel of Mark by Filipino Tracts and Literature Society Inc. - Issuu