Soisgeul Eoin CAIBIDEIL 1 1Anns an toiseach bha am Facal, agus bha am Facal maille ri Dia, agus b’ e am Facal Dia. 2 Bha mar an ceudna maille ri Dia air tùs. 3 Rinneadh na h-uile nithe leis ; agus as eugmhais cha d' rinneadh ni sam bith a rinneadh. 4 Annsan bha beatha ; agus b'i a' bheatha solus dhaoine. 5 Agus soillsichidh an solus anns an dorchadas ; agus cha do thuig an dorchadas e. 6 Chuireadh duine o Dhia, d'am b'ainm Eoin. 7 Thainig an ni mar an ceudna mar fhianuis, chum fianuis a thoirt air an t-solus, chum gu'n creideadh na h-uile dhaoine trid-san. 8 Cha b'esan an solus sin, ach chuireadh e a thoirt fianuis air an t-solus sin. 9 B'e so an solus fior, a ta soillseachadh gach uile dhuine a ta teachd chum an t-saoghail. 10 Bha e anns an t-saoghal, agus rinneadh an saoghal leis, agus cha d'aithnich an saoghal e. 11 Thàinig e d'a ionnsuidh fèin, agus cha do ghabh a chuid fèin ris. 12 Ach a mheud 's a ghabh ris, thug e dhoibh cumhachd a bhi 'n an cloinn do Dhia, eadhon dhoibh-san a ta creidsinn 'na ainm : 13 A ghineadh, cha'n ann o fhuil, no o thoil na feòla, no o thoil duine, ach o Dhia. 14 Agus rinneadh am Focal 'na fheòil, agus ghabh e còmhnuidh 'n ar measg-ne, (agus chunnaic sinn a ghlòir, a' ghlòir mar aon-ghin an Athar,) làn gràis agus fìrinn. 15 Thug Eoin fianuis uime, agus ghlaodh e, ag ràdh, B'e so an ti mu'n do labhair mi, Is fearr esan a ta teachd a'm' dhèigh a'm' làthair-sa : oir bha e romham. 16 Agus as a lànachd-san fhuair sinn na h-uile nithe, agus gràs air son gràis. 17 Oir thugadh an lagh le Maois, ach thàinig gràs agus fìrinn tre Iosa Criosd. 18 Cha 'n fhaca neach air bith Dia uair air bith ; an t-aonghin Mhic, a tha ann an uchd an Athar, dh' fhoillsich e e. 19 Agus is i so fianuis Eoin, 'nuair a chuir na h-Iudhaich sagairt agus Lebhithich o lerusalem a dh'fheòraich dheth, Cò thusa ? 20 Agus dh'aidich esan, agus cha d'àicheadh e ; ach air aideachadh, Cha mhise Criosd. 21 Agus dh'fhiosraich iad deth, Ciod ma ta ? An tusa Elias? Agus thubhairt esan, Chan eil mi. An tusa am fàidh sin? Agus fhreagair esan, Ni h-eadh. 22 An sin thubhairt iad ris, Cò thu ? chum gu'n toir sinn freagradh dhoibh-san a chuir uaith sinn. Dè tha thu ag ràdh mu dheidhinn fhèin? 23 Thubhairt esan, Is mise guth an ti a dh'èigheas anns an fhàsach, Dean- aibh dìreach slighe an Tighearna, mar a thubhairt am fàidh Esaias. 24 Agus b'ann do na Phairisich a bha iadsan a chuireadh. 25 Agus dh'fhiosraich iad deth, agus thubhairt iad ris, C'ar son ma ta a ta thu a' baisteadh, mur tu Criosd, no Elias, no am fàidh sin ?
26 Fhreagair Eoin iad, ag ràdh, A ta mise a' baisteadh le huisge : ach a ta neach 'n a sheasamh 'n 'ur measg, air nach 'eil eòlas agaibh ; 27 Is esan a's fearr teachd a'm' dheigh-sa a'm' fhianuis, neach nach airidh mise air uchd a bhròg fhuasgladh. 28 Rinneadh na nithe so ann am Bethabara air an taobh thall do Iordan, far an robh Eoin a' baisteadh. 29 Air an là màireach chunnaic Eoin Iosa a' teachd d'a ionnsuidh, agus thubhairt e, Feuch Uan Dè, a ta toirt air falbh peacaidh an t-saoghail. 30 Is e so an ti mu'n dubhairt mi, A'm' dhèigh-sa tha duine a's fearr romham a' teachd : oir bha e romham. 31 Agus cha b'aithne dhomhsa e : ach a chum gu'm biodh e air fhoillseachadh do Israel, uime sin thàinig mi a' baisteadh le uisge. 32 Agus thug Eoin fianuis, ag ràdh, Chunnaic mi an Spiorad a' teachd a nuas o nèamh mar choluman, agus dh'fhan e air. 33 Agus cha b'aithne dhomhsa e : ach an ti a chuir uaith mi a bhaisteadh le h-uisge, thubhairt e rium, Air an ti a chi thu an Spiorad a' teachd a nuas, agus a' fantuinn air, is e so an ti a ta baisteadh leis an Spiorad naomh. 34 Agus chunnaic mi, agus thug mi fianuis gur e so Mac Dhè. 35 A rìs air an là 'na dhèigh sin sheas Eoin, agus dithis d'a dheisciobluibh ; 36 Agus air dha amharc air Iosa ag imeachd, thubhairt e, Feuch Uan Dè ! 37 Agus chual an dà dheisciobul e a' labhairt, agus lean iad Iosa. 38 An sin thionndaidh losa, agus chunnaic e iadsan 'ga leantuinn, agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibh ag iarraidh ? Thubhairt iadsan ris, A Rabbi, (sin r'a ràdh, air eadartheangachadh, A mhaighstir,) c'àit am bheil thu a' d' chòmhnuidh ? 39 Thubhairt esan riu, Thigibh, agus faicibh. Thàinig iad agus chunnaic iad càit an robh e a chòmhnuidh, agus dh'fhan iad maille ris air an là sin : oir bha e mu thimchioll na deicheamh uaire. 40 B'e aon do'n dithis a chual Eoin a' labhairt, agus a lean e, Anndra, bràthair Shimoin Pheadair. 41 Air tùs fhuair e Simon a bhràthair fèin, agus thubhairt e ris, Fhuair sinn am Mesias, is e sin, air eadar-theangachadh, Criosd. 42 Agus thug e gu Iosa e. Agus nuair a dh’amhairc Iosa air, thubhairt e, Is tusa Sìmon mac Iona: goirear Cephas dhìot, is e sin air eadar-theangachadh, Clach. 43 Air an là 'na dhèigh sin b'àill le Iosa dol a mach do Ghalile, agus fhuair e Philip, agus thubhairt e ris, Lean mise. 44 A nis bha Philip o Bhetsaida, baile Anndra agus Pheadair. 45 Fhuair Philip Natanael, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne an ti mu'n do sgrìobh Maois anns an lagh, agus na fàidhean, Iosa o Nasaret, mac loseiph. 46 Agus thubhairt Natanael ris, Am feud ni maith teachd a mach à Nasaret ? Thubhairt Philip ris, Thig agus faic. 47 Chunnaic losa Natanael a' teachd d'a ionnsuidh, agus thubhairt e uime, Feuch Israeleach da rìreadh, anns nach 'eil cealg ! 48 Thubhairt Natanael ris, Cia as a tha eòlas agad orm ? Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Mun do ghairm Philip thu, nuair a bha thu fon chrann-fhìge, chunnaic mi thu.