Ciad Litir Eoin CAIBIDEIL 1 1An nì a bha o thùs, a chuala sinn, a chunnaic sinn le ar sùilean, air an d’amhairc sinn, agus a làimhsich ar làmhan, de fhacal na beatha; 2 (Oir dh'fhoillsicheadh a' bheatha, agus chunnaic sinn i, agus a' deanamh fianuis, agus a' cur an ceill duibh a' bheatha mhaireannach sin, a bha maille ris an Athair, agus a dh'fhoillsicheadh dhuinne ;) 3 An ni a chunnaic agus a chuala sinn, tha sinn a' cur an cèill duibh, chum gu'm bi agaibh-sa mar an ceudna comhchomunn ruinne : agus gu deimhin a ta ar comunn-ne ris an Athair, agus r'a Mhac Iosa Criosd. 4 Agus tha sinn a' sgrìobhadh nan nithe so do 'ur nionnsuidh, chum gu'm bi bhur n-aoibhneas làn. 5 Uime sin is i so an teachdaireachd a chuala sinn uaithsan, agus a ta sinne a' cur an cèill duibh, gur solus Dia, agus nach 'eil dorchadas air bith ann. 6 Ma their sinn gu bheil comh-chomunn againn ris, agus a' siubhal an dorchadais, tha sinn a' deanamh brèige, agus cha'n 'eil sinn a' deanamh na fìrinn : 7 Ach ma ghluaiseas sinn san t-solus, mar a ta esan san tsolus, tha comunn againn r'a chèile, agus glanaidh fuil losa Criosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh. 8 Ma their sinn nach 'eil peacadh againn, tha sinn 'gar mealladh fèin, agus cha'n 'eil an fhìrinn annainn. 9 Ma dh'aidicheas sinn ar peacanna, tha esan firinneach agus ceart a mhaith- eas ar peacanna dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd. 10 Ma their sinn nach do pheacaich sinn, tha sinn a' deanamh breugaire dheth, agus cha'n 'eil 'fhocal-san annainn. CAIBIDEIL 2 1Mo chlann bheag, tha mi a’ sgrìobhadh nan nithean seo dur n‑ionnsaigh, a‑chum nach peacaich sibh. Agus ma pheacaicheas neach air bith, tha fear-tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Crìosd am fìrean: 2 Agus is esan an iobairt-reitich air son ar peacanna : agus cha'n ann air son ar peacanna a mhain, ach mar an ceudna air son pheacanna an t-saoghail uile. 3 Agus le so tha fios againn gur aithne dhuinn e, ma choimhideas sinn 'àitheantan. 4 An ti a their, Is aithne dhomh e, agus nach coimhid 'àitheantan, is breugaire e, agus cha'n 'eil an fhìrinn ann. 5 Ach ge b'e neach a choimhideas 'fhocal- san, gu deimhin a ta gràdh Dhè air a dheanamh foirfe : le so is aithne dhuinn gu bheil sinn annsan. 6 An ti a their gu bheil e 'na chòmhnuidh ann, bu chòir dha fèin mar an ceudna gluasad, eadhon mar a bha e a' coiseachd. 7 A bhràithre, cha'n 'eil mi a' sgrìobhadh àithne nuadh do 'ur n-ionnsuidh, ach sean àithne, a bha agaibh o thùs. Is i an t-seann àithne am focal a chuala sibh o thùs. 8 A rìs, àithne nuadh tha mi a' sgrìobh- adh do 'ur nionnsuidh, ni a ta fìor annsan, agus annaibh-sa : do bhrìgh gu bheil an dorchadas air dol seachad, agus a ta an solus fìor a nis a' soill- seachadh.
9 An ti a their gu bheil e san t-solus, agus aig am bheil fuath d'a bhràthair, tha e 'n dorchadas eadhon gus a nis. 10 An ti a ghràdhaicheas a bhràthair, fanaidh e anns an tsolus, agus cha'n 'eil aobhar oilbheim air bith ann. 11 Ach an ti aig am bheil fuath d'a bhràthair, tha e 'n dorchadas, agus a' gluasad anns an dorchadas, agus cha'n aithne dha c'àit a tha e dol, do bhrìgh gu'n do dhall an dorchadas sin a shùilean. 12 Tha mi a' sgrìobhadh do 'ur n-ionnsuidh, a chlann bheag, do bhrìgh gu bheil bhur peacanna air am maitheadh dhuibh air sgàth 'ainme-san. 13 Tha mi a' sgrìobhadh do 'ur n-ionnsuidh, athraichean, do bhrìgh gu'm b'aithne dhuibh e o thùs. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a dhaoine òga, a chionn gun tug sibh buaidh air an droch dhuine. Tha mi a' sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a chlann bheag, do bhrìgh gur aithne dhuibh an t‑Athair. 14 Sgrìobh mi do 'ur n-ionnsuidh, athraichean, do bhrìgh gu'm b'aithne dhuibh e o thùs. Sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, a dhaoine òga, do bhrìgh gu bheil sibh làidir, agus gu bheil facal Dhè a’ gabhail còmhnaidh annaibh, agus gun tug sibh buaidh air an droch dhuine. 15 Na gràdhaichibh an saoghal, no na nithe a ta anns an tsaoghal. Ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal, chan eil gràdh an Athar ann. 16 Oir na h-uile a ta anns an t-saoghal, ana-miann na feola, agus ana-miann nan sùl, agus uabhar na beatha, cha'n ann o'n Athair a tha e, ach o'n t-saoghal. 17 Agus theid an saoghal seachad, agus a mhiann- achadh : ach an ti a ni toil Dhe, mairidh e gu brath. 18 A chlann bheag, is i an uair dheireannach a ta i : agus mar a chuala sibh gu'n tig ant-crìosd, eadhon a nis tha mòran ana- cràidh ; leis am bheil fios againn gur i an uair mu dheireadh. 19 Chaidh iad a mach uainn, ach cha robh iad leinn ; oir nam bitheadh iad uainne, cha 'n 'eil teagamh nach buanaicheadh iad maille ruinne : ach chaidh iad a mach, chum gu'm biodh iad air an deanamh follaiseach nach bu leinn fèin iad uile. 20 Ach tha agaibh-sa ungadh o'n Tì naomh, agus is aithne dhuibh na h-uile nithe. 21 Cha do sgrìobh mi do 'ur n-ionnsuidh, do bhrìgh nach 'eil eòlas agaibh air an f hìrinn, ach a chionn gur aithne dhuibh i, agus nach 'eil breug air bith o'n fhìrinn. 22 Cò a tha breugach ach esan a tha 'g àicheadh gur e Iosa an Criosd ? Tha esan ana-Criosd, a tha 'g àicheadh an Athar agus a' Mhic. 23 Ge b'e neach a dh'àicheas am Mac, cha'n 'eil an t-Athair aige : (ach) an ti a dh'aidicheas am Mac, tha an t-Athair aige mar an ceudna. 24 Uime sin fanadh an ni sin annaibh, a chuala sibh o thùs. Ma dh’fhanas an nì a chuala sibh o thùs annaibh, fanaidh sibhse mar an ceudna anns a’ Mhac, agus anns an Athair. 25 Agus is e so an gealladh a gheall e dhuinn, eadhon a' bheatha mhaireannach. 26 Na nithe so sgriobh mi do 'ur n-ionnsuidh mu thimchioll na muinntir a tha 'g 'ur mealladh. 27 Ach tha an t-ungadh a fhuair sibh uaith-san a' fantuinn annaibh, agus cha'n 'eil feum agaibh gu'n teagaisgeadh neach air bith sibh : ach mar a ta an t-ungadh ceudna a' teagasg nan uile nithe, agus a ta an t-ungadh ceudna 'na f hìrinn, agus cha'n e breug e, agus eadhon mar a theagaisg e dhuibh. sibhse, fanaidh sibh ann.