Skip to main content

Scottish Gaelic - The Epistle to the Hebrews

Page 1

Eabhruidhich CAIBIDEIL 1 1Dia, a labhair anns na h‑aimsirean eadar-dhealaichte, agus ann an caochladh mhodhan, ris na h‑athraichean leis na fàidhean, 2 A labhair anns na làithibh deireannach so ruinne le a Mhac, a dh'orduich e 'na oighre air na h-uile nithibh, tre'n d'rinn e mar an ceudna na saoghail ; 3 Neach air dha bhi 'na dhealradh a ghlòire-san, agus 'na ìomhaigh shoilleir a phearsa, agus a' cumail suas nan uile nithe le focal a chumhachd, an uair a ghlan e ar peacanna leis fèin, shuidh e air deas làimh na Mòrachd a tha air àirde ; 4 Air dha bhi air a dheanamh ni's fearr na na h-aingil, air dha mar oighreachd fhuair e ainm ni's ro-òirdheirce na iadsan. 5 Oir cò do na h-aingil ris an dubhairt e uair air bith, Is tu mo Mhac-sa, an diugh ghin mi thu ? Agus a rìs, Bithidh mise a'm' Athair dhasan, agus bithidh esan 'na Mhac dhomhsa ? 6 Agus a rìs, an uair a bheir e an ceud-ghin a steach do'n tsaoghal, a deir e, Agus deanadh aingil Dhè uile aoradh dha. 7 Agus mu na h-aingil a ta e ag ràdh, Neach a ta deanamh aingil 'nan spioradaibh, agus a luchd-frithealaidh 'nan lasair theine. 8 Ach ris a' Mhac a ta e ag ràdh, Tha do righ-chaithir, a Dhè, gu saoghal nan saoghal : is i slat-rìoghail na fìreantachd slat-shuaicheantais do rìoghachd. 9 Ghràdhaich thu fìreantachd, agus thug thu fuath do aingidheachd ; uime sin dh'ung Dia, eadhon do Dhia, thu le h-oladh aoibhneis os ceann do chompanach. 10 Agus, Thusa, a Thighearn, a leag thu bunaite na talmhainn air tùs ; agus is iad na nèamhan oibre do làmh : 11 Theid iad as ; ach fanaidh tu ; agus fàsaidh iad uile sean mar eudach ; 12 Agus pillidh tu suas mar thrusgan, agus caochlaidhear iad : ach is tusa an ti ceudna, agus cha teirig do bhliadhnacha. 13 Ach cò do na h-aingil ris an dubhairt e uair air bith, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhde 'nan stol-chas dhuit ? 14 Nach spioraid-frithealaidh iad uile, air an cur a mach gu frithealadh dhoibh-san a bhios 'nan oighreachaibh air slàinte ? CAIBIDEIL 2 1Uime sin is còir dhuinn an aire as dìriche a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair air bith gun leigeadh sinn sìos iad. 2 Oir ma bha am focal a labhradh leis na h-ainglibh seasmhach, agus gu'n d'fhuair gach uile euceart agus easùmhlachd dìoladh cothromach do dhuais ; 3 Cionnas a theid sinn as, ma dhearmaid sinn slàint' cho mòr ; a thòisich air tùs air a bhi air a labhairt leis an Tighearn, agus a dhaingnicheadh dhuinne leo-san a chual e ; 4 Tha Dia mar an ceudna a' toirt fianuis dhoibh, araon le comharaibh, agus le h-iongantasaibh, agus le mìorbhuilean

eugsamhuil, agus le tiodhlacaibh an Spioraid naoimh, a rèir a thoile fèin ? 5 Oir do na h-aingil cha do chuir e fo smachd an t-saoghail ri teachd, mu'm bheil sinn a' labhairt. 6 Ach rinn neach ann an ionad àraidh fianuis, ag ràdh, Ciod e an duine, gu bheil thu cuimhneachail air ? no mac an duine, gu bheil thu ga fhaicinn? 7 Rinn thu e beagan ni b'ìsle na na h-aingil ; chrùn thu e le glòir agus le urram, agus chuir thu os ceann oibre do làmh e: 8 Chuir thu na h-uile nithe fo a chosaibh. Oir a mheud 's gun do chuir e na h‑uile fo smachd, cha d'fhàg e nì sam bith nach eil air a chur fodha. Ach a nis cha'n 'eil sinn a' faicinn fathast na h-uile nithe air an cur fuidh. 9 Ach chì sinn Iosa, a rinneadh beagan ni b'ìsle na na haingil chum fulangais a' bhàis, air a chrùnadh le glòir agus le urram ; gu'm blaiseadh e le gràs Dè bàs air son gach uile dhuine. 10 Oir rinneadh e dhasan, aig am bheil na h-uile nithe, agus trid am bheil na h-uile nithe, ann an toirt mòran mhac chum glòire, gu ceannard an slàinte a dheanamh foirfe tre fhulangasaibh. 11 Oir tha araon an ti a naomhaicheas, agus iadsan a naomhaichear, uile o aon : air an aobhar sin cha'n ionmhuinn leis bràithrean a ghairm dhiubh, 12 Ag ràdh, Cuiridh mi t'ainm an cèill do m' bhràithribh, ann am meadhon na h-eaglais seinnidh mi moladh dhuit. 13 Agus a rìs, cuiridh mi mo dhòchas ann. Agus a‑rìs, Feuch mise, agus a’ chlann a thug Dia dhomh. 14 Air an aobhar sin do bhrìgh gu bheil a' chlann 'n an luchd-comh-pàirt do fheòil agus do fhuil, ghabh e fèin mar an ceudna cuid diubh ; chum tre bhàs gu'n sgriosadh e esan aig an robh cumhachd a' bhàis, 's e sin an diabhul ; 15 Agus saoraibh iadsan a bha tre eagal a' bhàis rè am beatha fo dhaorsa. 16 Oir gu deimhin cha do ghabh e nàdur nan aingeal air ; ach ghabh e sliochd Abrahaim air. 17 Uime sin b'àill leis anns na h-uile nithibh a bhi air a dheanamh cos- mhuil r'a bhràithribh, chum gu'm biodh e 'na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithibh a bhuineas do Dhia, a dheanamh rèite air son peacanna an tsluaigh. 18 Oir a mheud 's gu'n d'fhuiling e fèin air a bhuaireadh, tha e comasach air comh- fhurtachd a thoirt do'n dream a ta air am buaireadh. CAIBIDEIL 3 1Air an adhbhar sin, a bhràithrean naomha, a tha nan luchd-compàirt den ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near Abstol agus Àrd-shagart ar n-aidmheil, Iosa Crìosd; 2 A bha dìleas dhàsan a shuidhich e, mar a bha Maois dìleas 'na thigh uile. 3 Oir mheasadh an duine so air tuilleadh glòire na Maois, a chionn gu bheil barrachd urraim aig an ti a thog an tigh, na aig an tigh. 4 Oir is eigin do gach tigh a thogail ; ach an ti a thog na huile nithe, is e Dia e. 5 Agus gu deimhin bha Maois dìleas 'na thigh uile, 'na sheirbhiseach, mar fhianuis air na nithibh sin a bha gu bhi air an labhairt an dèigh sin ;


Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook