Cleachdadh Crìosdail a bhith a’ toirt seachad dèirce Dèirce - aodach, biadh no airgead a thèid a thoirt do dhaoine bochda
Soisgeulan Thugaibh an aire nach dèan sibh ur dèirce an làthair dhaoine, a‑chum gum faicear sibh leo: air neo chan fhaigh sibh duais o ur n‑Athair a tha air nèamh. Air an adhbhar sin, nuair a nì thu do dhèirce, na sèid trompaid romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gu bheil an duais aca. Ach nuair a nì thusa dèirce, na biodh fios aig do làimh chlì dè a nì do làmh dheas: a‑chum gum bi do dhèirce an uaigneas: agus bheir d’Athair a chì an uaigneas duais dhut gu follaiseach. Mata 6:1-4 Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Chaidh duine àraidh sìos o Ierusalem gu Iericho, agus thuit e am measg mheirleach, agus rùisg iad a aodach dheth, agus lot iad e, agus dh’imich iad, ga fhàgail leth-mharbh. Agus air thuaiream thàinig sagart àraidh sìos air an t-slighe sin: agus nuair a chunnaic e e, chaidh e seachad air an taobh eile. Agus mar an ceudna, nuair a bha Lebhitheach aig an àite, thàinig e, agus dh’amhairc e air, agus chaidh e seachad air an taobh eile. Ach thàinig Samaritanach àraidh, agus e a’ siubhal, far an robh e: agus nuair a chunnaic e e, ghabh e truas ris, agus chaidh e d’a ionnsaigh, agus cheangail e a chreuchdan, a’ dòrtadh ola agus fìona annta, agus chuir e air a bheathach fhèin e, agus thug e gu taigh-òsda e, agus ghabh e cùram dheth. Agus air an là màireach nuair a dh’fhalbh e, thug e a-mach dà sgillin, agus thug e don fhear-taighe iad, agus thubhairt e ris, Thoir cùram dheth; agus ge b’ e rud a chosgas tu tuilleadh, nuair a thig mi air ais, dìolaidh mi dhut. Cò de na trì seo a-nis, a shaoileas tu, a bha na choimhearsnach dha-san a thuit am measg nam meirleach? Agus thubhairt e, Esan a rinn tròcair air. An sin thubhairt Iosa ris, Imich, agus dèan thusa mar an ceudna. Lucas 10:30-37 Ach an àite sin thugaibh dèirce de na rudan a th’ agaibh; agus, feuch, tha na h-uile nithean glan dhuibh. Lucas 11:41 Reicibh na tha agaibh, agus tabhairibh dèirc; dèanaibh dhuibh fhèin sporain nach fàs sean, ionmhas anns na nèamhan nach teirig, far nach tig meirleach am fagus, agus nach truaill an leòmann: oir far a bheil ur n-ionmhas, an sin bidh ur cridhe mar an ceudna. Lucas 12:33-34
Achdan Agus chaidh Peadar agus Eòin suas còmhla don teampall aig uair na h-ùrnaigh, is e sin an naothadh uair. Agus ghiùlaineadh duine àraidh a bha bacach o bhroinn a mhàthar, agus chuir iad e gach latha