Taisbeanadh CAIBIDEIL 1 1 Taisbeanadh Iosa Crìosd, a thug Dia dha, a nochdadh da sheirbhisich na nithean as èiginn gu teachd gu h‑aithghearr; agus chuir e uaith e le 'aingeal fèin a dh'ionnsuidh a sheirbhisich Eoin : 2 A rinn fianuis air focal Dè, agus air teisteas Iosa Criosd, agus air na h-uile nithibh a chunnaic e. 3 Is beannaichte an ti a leughas, agus iadsan a dh'èisdeas ri briathraibh na fàidh- eadaireachd so, agus a choimhideas na nithe a ta sgrìobhta innte : oir a ta an uair air teachd. 4 Eoin chum nan seachd eaglaisean a tha 's an Asia : Gràs dhuibh, agus sith, uaith-san a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd ; agus o na seachd spioraid a ta an lathair a righchaithir ; 5 Agus o Iosa Criosd, neach a's e 'n fhianuis dhìleas, agus an ceud-ghin o na marbhaibh, agus prionnsa righrean na talmhainn. Dhasan a ghràdhaich sinn, agus a dh'ionnlaid sinn o ar peacaibh 'na fhuil fèin, 6 Agus rinn e righrean dhinn agus sagartan do Dhia agus d'a Athair-san ; dhàsan gu robh glòir agus uachdaranachd gu saoghal nan saoghal. Amen. 7 Feuch, tha e teachd le neoil ; agus chi gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e : agus ni uile ghnè na talmhainn caoidh air a shon. A dh'aindeoin sin, Amen. 8 Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus an deireadh, tha an Tighearn ag ràdh, a ta, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t-Uile-chumhachdach. 9 Bha mise Eoin, a tha mar an ceudna 'n 'ur brathair, agus 'n 'ur companach ann an àmhghar, agus ann an rioghachd agus am foighidinn Iosa Criosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, air son focal Dè, agus air son teisteis Iosa Criosd. 10 Bha mi san Spiorad air là an Tighearna, agus chuala mi air mo chùl guth mòr, mar thrompaid, 11 Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ceud neach agus an neach deireannach : agus, An ni a ta thu a' faicinn, sgrìobh ann an leabhar, agus cuir e chum nan seachd eaglaisean a tha 's an Asia ; gu Ephesus, agus gu Smirna, agus gu Pergamos, agus gu Tiatira, agus gu Sardis, agus gu Philadelphia, agus gu Laodicea. 12 Agus thionndaidh mi a dh'fhaicinn a' ghutha a labhair rium. Agus air tionndadh dhomh, chunnaic mi seachd coinnleirean òir; 13 Agus ann am meadhon nan seachd coinnleirean, aon cos- mhuil ri Mac an duine, air a sgeadachadh le trusgan sios chum a choise, agus crioslaichte mu'n ciochan le crios òir. 14 Bha a cheann agus a fhalt geal mar olainn, cho geal ris an t-sneachda; agus bha a shùilean mar lasair theine ; 15 Agus a chosa cosmhuil ri umha mìn, mar gu'm biodh iad a' losgadh ann an àmhuinn ; agus a ghuth mar fhuaim mòran uisgeachan. 16 Agus bha aige 'na làimh dheis seachd reultan : agus as a bheul chaidh claidheamh geur dà-fhaobhair a mach : agus bha a ghnùis mar a' ghrian a' dealrachadh 'na neart. 17 Agus an uair a chunnaic mi e, thuit mi aig a chosaibh mar mharbh. Agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort; Is mise a’ chiad neach agus an neach mu dheireadh:
18 Is mise an ti a ta beo, agus a bha marbh ; agus, feuch, tha mi beò gu bràth, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a' bhàis agad. 19 Sgrìobh na nithe a chunnaic thu, agus na nithe a ta ann, agus na nithe a bhitheas an dèigh so ; 20 Rùn-dìomhair nan seachd reultan a chunnaic thu a'm' làimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir. Is iad na seachd reultan aingil nan seachd eaglaisean : agus na seachd coinnleirean a chunnaic thu, is iad sin na seachd eaglaisean. CAIBIDEIL 2 1 Chum aingeal eaglais Ephesus sgrìobh ; Na nithean seo tha esan ag ràdh, a tha cumail nan seachd reultan na làimh dheis, a tha ag imeachd ann am meadhon nan seachd coinnleirean òir; 2Is aithne dhomh d’obraichean, agus do shaothair, agus d’fhoighidinn, agus cionnas nach urrainn dhut an dream a tha olc a ghiùlan: agus dhearbh thu iadsan a tha ag ràdh gur abstoil iad, agus nach eil, agus fhuair thu breugan dhiubh: 3 Agus ghiùlain thu, agus bha foighidinn agad, agus air sgàth m'ainme-sa shaothraich thu, agus cha d'fhan thu. 4 Gidheadh tha ni-eigin agam a'd' aghaidh, do bhrìgh gu'n d'fhàg thu do cheud ghràdh. 5 Cuimhnich uime sin cia uaith a thuit thu, agus dean aithreachas, agus dean na ceud oibre ; no thig mi gu grad a d' ionnsuidh, agus atharraichidh mi do choinnleir as a àite, mur dean thu aithreachas. 6 Ach so agad, gu bheil fuath agad do ghniomharaibh nan Nicolaiteach, d'am fuathach mise mar an ceudna. 7 An ti aig am bheil cluas, èisdeadh e ciod a ta an Spiorad ag ràdh ris na h-eaglaisibh ; Dhasan a bheir buaidh bheir mi r'a itheadh do chraoibh na beatha, a tha 'm meadhon pàrras Dè. 8 Agus chum aingeal na h-eaglais a ta ann an Smirna, sgrìobh ; Na nithe so tha an ceud neach agus an neach mu dheireadh ag ràdh, a bha marbh, agus a tha beò ; 9 Is aithne dhomh d' oibre, agus do thrioblaid, agus do bhochdainn, (ach tha thu beartach,) agus is aithne dhomh toibheum na muinntir a tha 'g ràdh gur Iudhaich iad, agus nach iad, ach sionagog Shatain. 10 Na biodh eagal oirbh roimh na nithibh sin a dh'fhuilingeas sibh : feuch, tilgidh an diabhul cuid dhibh am prìosan, chum as gu'n dearbhar sibh ; agus bithidh àmhghar agaibh deich laithean : bithibh dìleas gu bàs, agus bheir mise dhuit crùn na beatha. 11 An ti aig am bheil cluas, èisdeadh e ciod a ta an Spiorad ag ràdh ris na h-eaglaisibh ; An ti a bheir buaidh, cha chiùrr e leis an dara bàs. 12 Agus chum aingeal na h-eaglais a tha ann am Pergamos, sgrìobh ; Na nithean seo tha esan ag ràdh aig a bheil an claidheamh geur dà thaobh; 13 Is aithne dhomh t' oibre, agus c'àit am bheil thu a chòmhnuidh, eadhon far am bheil caithir Shàtain : agus tha thu a' cumail m'ainme gu daingean, agus cha d'àich thu mo chreidimh, eadhon anns na làithibh sin anns an robh Antipas 'na mhartarach dìleas dhomh, a chaidh a mharbhadh 'n 'ur measg, far an robh Satan. a' gabhail còmhnaidh. 14 Ach tha beagan agam a'd' aghaidh, do bhrìgh gu bheil agad an sin iadsan a tha cumail teagaisg Bhalaaim, a theagaisg do Bhalac ceap-tuislidh a thilgeadh an làthair