Skip to main content

Scottish Gaelic - The Book of Numbers

Page 1

Àireamhan CAIBIDEIL 1 1Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinai, ann am pàillean a’ choitheanail, air a’ chiad là den dara mìos, anns an dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ag ràdh, 2 Gabhaibh-sa àireamh coi'-thional chloinn Israeil uile, a rèir an teaghlaichean, a rèir tighe an aithriche, le àireamh an ainmean, gach firionnach a reir an slòigh ; 3 O fhichead bliadhna dh'aois agus os a cheann, iadsan uile a's urrainn dol a mach gu cogadh ann an Israel : àirmhidh tusa agus Aaron iad a rèir an armailtean. 4 Agus maille ribhse bithidh duine do gach uile thrèibh ; gach aon cheann tighe 'athar. 5 Agus is iad so ainmean nan daoine a sheasas maille ribh : de thrèibh Reubein ; Elisur mac Shedeuir. 6 Mic Shimeoin ; Selumiel mac Shurisadai. 7 Mic Iudah ; Nahson mac Aminadaib. 8 Mic Isachair ; Netaneel mac Shuair. 9 O Shebuluin ; Eliab mac Heloin. 10 De chloinn Ioseiph : o Ephraim ; Elisama mac Amihuid: o Mhanaseh; Gamaliel mac Phedahsuir. 11 Mic Bheniamin ; Abidan mac Ghideoni. 12 Mic Dhan ; Ahieser mac Amisadai. 13 O Aser ; Pagiel mac Ocrain. 14 Mic Ghad ; Eliasaph mac Dheueil. 15 Mic Naphtali ; Ahira mac Enain. 16 B'iad sin daoine iomraiteach a' choi'-thionail, ceannardan treubhan an aithrichean, ceannardan mhìlte ann an Israel. 17 Agus ghabh Maois agus Aaron na daoine sin a tha air an cur an cèill 'nan ainmibh : 18 Agus chruinnich iad an coi'-thional uile an ceann a chèile air a' cheud là do'n dara mìos, agus chuir iad an cèill an cinneach a fèir an teaghlaichean, a fèir tighe an aithriche, a rèir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh'aois agus os a cheann, a rèir an àireamh. 19 Mar a dh'àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin dh'àireamh e iad ann am fàsach Shinai. 20 Agus mic Reubein, mac bu shine Israeil, a fèir an ginealacha, a fèir an teaghlaichean, a rèir tighe an aithriche, a rèir àireimh nan ainmean, a rèir an àireamh, gach firionnach o fhichead bliadhna dh'aois agus os a cheann, gach aon a b'urrainn dol a mach gu cogadh ; 21 B'iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thrèibh Reubein, dà fhichead agus sè mìle agus cùig ceud. 22De chloinn Shimeoin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean, iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir àireimh nan ainmean, a rèir an àireamh, gach fireannach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; 23B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Shimeoin, lethcheud agus naoi mìle agus trì cheud. 24De chloinn Ghad, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean, a rèir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, iadsan uile a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;

25B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Ghad, dà‑fhichead agus còig mìle agus sia ceud agus lethcheud. 26De chloinn Iùdah, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean, a rèir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, iadsan uile a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; 27 B'iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thrèibh Iudah, tri fichead agus ceithir mìle deug agus sè ceud. 28 De chloinn Isachair, a fèir an ginealacha, a rèir an teaghlaichean, a rèir tighe an athraichean, a rèir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh'aois agus os a cheann, iadsan uile a b'urrainn dol a mach gu cogadh ; 29 B'iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thrèibh Isachair, leth-cheud agus ceithir mìle agus ceithir cheud. 30De chloinn Shebuluin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean, a rèir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, iadsan uile a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; 31 B'iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thrèibh Shebuluin, leth-cheud agus seachd mìle agus ceithir cheud. 32 De chloinn Ioseiph, eadhon, de chloinn Ephraim, a fèir an ginealacha, a rèir an teaghlaichean, a rèir tighe an athraichean, a rèir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh'aois agus os a cheann, iadsan uile a b'urrainn dol a mach gu cogadh ; 33 B'iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thrèibh Ephraim, dà fhichead mìle agus cùig ceud. 34 De chloinn Mhanaseh, a fèir an ginealacha, a fèir an teaghlaichean, a rèir tighe an aithriche, a rèir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh'aois agus os a cheann, iadsan uile a b'urrainn dol a mach gu cogadh ; 35 B'iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threibh Mhanaseh, dà mhile 'ar fhichead agus dà cheud. 36 De chloinn Bheniàmin, a rèir an ginealaich, a rèir an teaghlaichean, a rèir tighe an athraichean, a rèir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a chionn, iadsan uile a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; 37 B'iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thrèibh Bheniamin, cùig mìle 'ar fhichead agus ceithir cheud. 38 De chloinn Dhan, a fèir an ginealacha, a rèir an teaghlaichean, a rèir tighe an athraichean, a rèir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh'aois agus os a cheann, iadsan uile a b'urrainn dol a mach gu cogadh ; 39 B'iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thrèibh Dhan, tri fichead agus dà mhìle agus seachd ceud. 40De chloinn Aseir, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean, a rèir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, iadsan uile a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; 41B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Aseir, dà‑fhichead agus aon mhìle agus còig ceud. 42 De chloinn Naphtali, air feadh an ginealacha, a rèir an teaghlaichean, a rèir tighe an athraichean, a rèir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh'aois agus os a cheann, iadsan uile a b'urrainn dol a mach gu cogadh ; 43 B'iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thrèibh Naphtali, leth-cheud agus tri mìle agus ceithir cheud. 44 Is iad so iadsan a chaidh àireamh, a dh'àireamh Maois agus Aaron, agus ceannardan Israeil, dà f hear dheug : bha gach aon aca do thigh 'athar. 45 Mar so iadsan uile a chaidh àireamh de chloinn Israeil, a rèir tighe an aithriche, o fhichead bliadhna dh'aois agus os


Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Scottish Gaelic - The Book of Numbers by Filipino Tracts and Literature Society Inc. - Issuu