Gheineas CAIBIDEIL 1 1 Anns an toiseach chruthaich Dia na nèamhan agus an talamh. 2 Agus bha an talamh gun dealbh, agus falamh ; agus bha dorchadas air aghaidh na doimhne. Agus ghluais Spiorad Dhè air aghaidh nan uisgeachan. 3 Agus thubhairt Dia, Biodh solus ann : agus bha solus ann. 4 Agus chunnaic Dia an solus, gu'n robh e maith : agus roinn Dia an solus o'n dorchadas. 5 Agus dh'ainmich Dia an solus Là , agus an dorchadas dh'ainmich e Oidhche. Agus b'iad am feasgar agus a' mhaduinn an ceud là . 6 Agus thubhairt Dia, Biodh athar am meadhon nan uisgeachan, agus sgaradh e na h-uisgeacha o na huisgeachaibh. 7 Agus rinn Dia an t-athar, agus roinn e na h-uisgeachan a bha fuidh 'n speur, o na h-uisgeachan a bha os ceann an athar : agus bha e mar sin. 8 Agus dh'ainmich Dia an t-athar Nèamh. Agus b'iad am feasgar agus a' mhaduinn an dara là . 9 Agus thubhairt Dia, Cruinnichear na h-uisgeachan a ta fuidh neamh a dh'aon à it, agus leigear ris an talamh tioram : agus bha e mar sin. 10 Agus dh'ainmich Dia an talamh tioram Talamh ; agus cruinneachadh nan uisgeacha thug e Fairgeachan : agus chunnaic Dia gu'n robh e maith. 11 Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a mach feur, luibh a ghineas sÏol, craobh-mheas a bheir a mach meas a reir a gnè, aig am bheil a sÏol innte fèin, air an talamh : agus bha e mar sin. 12 Agus thug an talamh a mach feur, luibh a ghineas sÏol a rèir a gnè, agus craobh a bheir a mach meas, aig am bheil a sÏol innte fèin, a rèir a gnè : agus chunnaic Dia gu'n robh e maith. 13 Agus b'iad am feasgar agus a' mhaduinn an treas là . 14 Agus thubhairt Dia, Biodh soluis ann an speuraibh nèimh a sgaradh an là o'n oidhche ; agus bitheadh iad air son chomharan, agus air son aimsirean, agus air son laithean, agus bhliadhnachan: 15 Agus bitheadh iad mar sholusaibh ann an speuraibh nèimh, a thoirt soluis air an talamh : agus bha e mar sin. 16 Agus rinn Dia dà sholus mhòr ; an solus a's mo a riaghladh an la, agus an solus a's lugha a riaghladh na hoidhche : rinn e mar an ceudna na reultan. 17 Agus shuidhich Dia iad ann an speuraibh nèimh, a thoirt soluis air an talamh, 18 Agus a riaghladh san là , agus san oidhche, agus a sgoilteadh an solus o'n dorchadas : agus chunnaic Dia gu'n robh e maith. 19 Agus b'iad am feasgar agus a' mhaduinn an ceathramh là . 20 Agus thubhairt Dia, Thugadh na h-uisgeacha a mach gu pailt an creutair gluasadach anns am bheil beatha, agus eunlaith an athair a itealaich os ceann na talmhainn air speuraibh nèimh. 21 Agus chruthaich Dia mucan-mara mòra, agus gach creutair beò a ghluaiseas, a thug na h-uisgeachan a mach gu pailt, a rèir an gnè, agus gach eun iteagach a rèir a ghnè : agus chunnaic Dia gu'n robh e maith.
22 Agus bheannaich Dia iad, ag rà dh, SÏolaichibh, agus fà saibh lÏonmhor, agus lÏon na h-uisgeachan anns na fairgeachan, agus fà sadh an eunlaith lÏonmhor air an talamh. 23 Agus b'iad am feasgar agus a' mhaduinn an cÚigeamh là . 24 Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a mach an creutair beò a rèir an gnè, sprèidh, agus gach ni a shnà igeas, agus beathaiche na talmhainn a fèir an gnè : agus bha e mar sin. 25 Agus rinn Dia beathaiche na talmhainn a rèir an gnè, agus an sprèidh a fèir an gnè, agus gach ni a shnà igeas air an talamh a rèir an gnè : agus chunnaic Dia gu'n robh e maith. 26 Agus thubhairt Dia, Deanamaid duine 'nar dealbh fèin, a rèir ar coslais : agus biodh uachdaranachd aca os ceann iasg na mara, agus os ceann eunlaith nan speur, agus os ceann an sprèidhe, agus os ceann na talmhainn uile, agus os ceann gach ni a shnà igeas a ta snà igeadh air an talamh. 27 Mar sin chruthaich Dia an duine 'na dhealbh fèin, ann an dealbh Dhè chruthaich se e ; fireann agus boireann chruthaich e iad. 28 Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, SÏolaichibh, agus fà saibh lÏonmhor, agus lionaibh an talamh, agus ceannsaichibh e : agus biodh uachdaranachd agaibh os ceann iasgaibh na mara, agus os ceann eunlaith an athair, agus os ceann gach ni beò a ghluaiseas air an talamh. 29 Agus thubhairt Dia, Feuch, thug mi dhuibh gach luibh a ghineas sÏol, a tha air aghaidh na talmhainn uile, agus gach craobh anns am bheil meas craoibhe a ghineas sÏol ; dhuibh-sa bithidh e mar bhiadh. 30 Agus do uile bheathaichibh na talmhainn, agus do uile eunlaith nan speur, agus do gach ni a shnà igeas air an talamh, anns am bheil beatha, thug mi gach luibh ghorm mar bhiadh : agus bha e mar sin. 31 Agus chunnaic Dia gach ni a rinn e, agus, feuch, bha e ro mhaith. Agus b'iad am feasgar agus a' mhaduinn an siathamh là . CAIBIDEIL 2 1 Mar so chrÏochnaicheadh na nèamhan agus an talamh, agus an sluagh uile. 2 Agus air an t-seachdamh là chrÏochnaich Dia 'obair a rinn e ; agus ghabh e fois air an t-seachdamh là o 'obair uile a rinn e. 3 Agus bheannaich Dia an seachdamh là , agus naomhaich se e : do bhrÏgh gur ann air a ghabh e fois o 'obair uile, a chruthaich Dia agus a rinn e. 4 Is iad so ginealaich nan nèamh agus na talmhainn, 'nuair a chruthaicheadh iad, anns an là an d'rinn an Tighearna Dia an talamh agus na nèamhan, 5 Agus uile lusan na macharach fa chomhair an robh e 's an talamh, agus uile luibh na macharach mun d'fhàs e : oir cha d'thug an Tighearna Dia air uisge frasadh air an talamh, agus cha robh duine ann a shaoithreachadh na talmhainn. 6 Ach chaidh ceò suas o'n talamh, agus dh'uisgich e aghaidh na talmhainn uile. 7 Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine do dhuslach na talmhainn, agus shèid e ann an cuinneinibh anail na beatha ; agus rinneadh an duine 'na anam beo. 8 Agus shuidhich an Tighearna Dia gà radh air an taobh an ear ann an Eden ; agus chuir e an sin am fear a dhealbh e.