Ecsodus CAIBIDEIL 1 1 A nis is iad so ainmean chloinn Israeil, a thàinig do'n Eiphit ; thàinig gach duine agus a theaghlach maille ri Iacob. 2 Reuben, Simeon, Lebhi, agus Iudah, 3 Isachar, Sebulun, agus Beniamin, 4 Dan, agus Naphtali, Gad, agus Aser. 5 Agus na h-anaman uile a thàinig a mach à leasruidh lacoib, bu deich agus tri fichead anam iad : oir bha loseph san Eiphit a cheana. 6 Agus fhuair Ioseph bàs, agus a bhràithrean uile, agus an ginealach sin uile. 7 Agus bha clann Israeil sìolmhor, agus dh'fhàs iad gu mòr, agus dh'fhàs iad lìonmhor, agus dh'fhàs iad rochumhachdach; agus lionadh an tir leo. 8 A nis dh'èirich righ nuadh air an Eiphit, do nach b'aithne loseph. 9 Agus thubhairt e r'a shluagh, Feuch, tha sluagh chloinn Israeil ni's mò agus ni's cumhachdaiche na sinne : 10 Thigibh, buineamaid gu glic riu ; air eagal gu'm fas iad lionmhor, agus gu'n tachair e, 'nuair a thuiteas cogadh air bith a mach, gu'n dluthaich iad mar an ceudna r'ar naimhdibh-ne, agus gu'n cog iad 'n ar n-aghaidh, agus gu'n tog iad a mach as an tir iad. 11 Uime sin chuir iad maighstirean-oibre orra chum an claoidh le'n eallachaibh. Agus thog iad do Phàraoh bailtean ionmhais, Pitom agus Raamses. 12 Ach mar is mò a chuir iad gu cruaidh iad, 's ann is mò a rinneadh iad lìonmhor, agus a dh'fhàs iad. Agus bha iad doilich air son chloinn Israeil. 13 Agus thug na h-Eiphitich air cloinn Israeil seirbhis a dheanamh le cruas : 14 Agus rinn iad am beatha searbh dhoibh le daorsa chruaidh, ann am moirtear, agus ann an clacha-creadha, agus anns gach gnè sheirbhis anns a' mhachair : bha an seirbhis uile, anns an d' thug iad orra seirbhis a dheanamh, le cruas. 15 Agus labhair righ na h-Eiphit ri mnaibh-glùine nan Eabhruidheach, d'am b'e ainm aoin diubh Siphrah, agus ainm na tè eile Puah. 16 Agus thubhairt esan, 'Nuair a ni sibh dreuchd mnàglùine do na mnaibh Eabhruidheach, agus a chi sibh air na stolaibh ; ma's mac a bhios ann, an sin marbhaidh sibh e : ach ma's nighean a bhios ann, bithidh i beò. 17 Ach bha eagal Dè air na mnathan-glùine, agus cha d'rinn iad mar a dh'àithn righ na h-Eiphit dhoibh, ach ghlèidh iad a' chlann-mhac beò. 18 Agus ghairm righ na h-Eiphit air na mnaibh-glùine, agus thubhairt e riu, C'ar son a rinn sibh an ni so, agus a ghleidh sibh a' chlann-mhac beò ? 19 Agus thubhairt na mnathan-glùine re Pharaoh, A chionn nach 'eil na mnài Eabhruidheach mar na mnài Eiphiteach ; oir tha iad beothail, agus air an tabhairt seachad mu'n tig na mnathan-glùine a steach d'an ionnsuidh. 20 Uime sin bhuin Dia gu maith ris na mnaibh-glùine : agus rinneadh an sluagh lìonmhor, agus dh'fhàs iad rochumhachdach.
21 Agus tharladh, a chionn gu'n robh eagal Dè air na mnathan-glùine, gu'n d'rinn e tighean dhoibh. 22 Agus thug Pharaoh àithne d'a shluagh uile, ag ràdh, Gach mac a bheirear tilgidh sibh san amhainn, agus gach nighean gleidhidh sibh beò. CAIBIDEIL 2 1 Agus chaidh duine do thigh Lebhi, agus ghabh e nighean do Lebhi 'na mnaoi. 2 Agus dh'f hàs a' bhean torrach, agus fug i mac : agus an uair a chunnaic i gu'n robh e 'na leanabh taitneach, dh'fholaich i e rè thri mìosa. 3 Agus an uair nach b'urrainn i 'fholach ni b'fhaide, ghabh i dha cobhan cuilce, agus chuir i thairis e le làthaich, agus le pic, agus chuir i an leanabh ann ; agus chuir i anns a' bhrataich e ri bruaich na h-aimhne. 4 Agus sheas a phiuthar fad uaith, a dh'f heuchainn ciod a dheanadh e. 5 Agus thàinig nighean Pharaoh a nuas g'a h-ionnlad fèin aig an amhainn ; agus choisich a maighdeanan ri taobh na h-aibhne ; agus an uair a chunnaic i an àirc am measg nam bratach, chuir i a banoglach g'a thoirt. 6 Agus an uair a dh'fhosgail i e, chunnaic i an leanabh : agus, feuch, ghuil an naoidhean. Agus ghabh i truas da, agus thubhairt i, Is fear so do chloinn nan Eabhruidheach. 7 An sin thubhairt a phiuthar ri nighean Pharaoh, An tèid mise, agus an gairm mi dhuit banaltrum do na mnaibh Eabhruidheach, a chum as gu'n altrum i 'n leanabh dhuit ? 8 Agus thubhairt nighean Pharaoh rithe, Imich. Agus dh'fhalbh a' bhanoglach, agus ghairm i màthair an leinibh. 9 Agus thubhairt nighean Pharaoh rithe, Thoir an leanabh so leat, agus altrum dhomhsa e, agus bheir mi dhuit do thuar- asdal. Agus ghabh a' bhean an leanabh, agus dh'altrum i e. 10 Agus dh'fhàs an leanabh, agus thug i dh'ionnsuidh nighinn Pharaoh e, agus bha e 'na mhac dh'i. Agus thug i Maois mar ainm air: agus thubhairt i, A chionn as an uisge gun do tharraing mi e. 11 Agus tharladh anns na làithibh sin, an uair a dh'f hàs Maois suas, gu'n deachaidh e mach a dh'ionnsuidh a bhràithribh, agus gu'n d'amhairc e air an eallachaibh : agus bhuail e Eiphiteach a' bualadh Eabhruidhich, aoin d'a bhràithribh. 12 Agus dh'amhairc e an taobh so agus an taobh ud, agus an uair a chunnaic e nach robh duine ann, mharbh e an tEiphiteach, agus dh'fholaich e sa' ghaineamh e. 13 Agus an uair a chaidh e mach an dara là, feuch, bha dithis do na h-Eabhruidh- ich a' strì r'a chèile : agus thubhairt e ris-san a rinn an eucoir, C'ar son a bhuaileas tu do choimhearsnach ? 14 Agus thubhairt e, Cò rinn thusa a'd' uachdaran agus a'd' bhreitheamh oirnne ? am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t-Eiphiteach? Agus ghabh Maois eagal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an nì seo aithnichte. 15 A nis an uair a chual Pharaoh an ni so, dh'iarr e Maois a mharbhadh. Ach theich Maois o ghnùis Phàraoh, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Mhidiain: agus shuidh e làimh ri tobar. 16 A nis bha aig sagart Mhidiain seachdnar nighean : agus thàinig iad agus tharruing iad uisge, agus lìon iad na hamair a thoirt uisge do threud an athar.